Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An togalach a b' àbhaist a bhith na Thogalach an Stèisein ann an Caladal nan Gall
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080511
ÀITE
Caladal nan Gall
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
Sultain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19836
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
Former Station Building at Scotscalder, 1999

Chaidh an dealbh camara seo de Daniel Brittain, Caitlin agus Amanda Austean air àrd-chabhsair stèisean Chaladal nan Gall a thogail san t-Sultain 1999. Tha cuid de na togalaichean a bhuineadh dhan stèisean roimhe air an cùlaibh ach 's ann leothsan a tha iad an-diugh. An-diugh tha mòran de thogalaichean a b' àbhaist a bhith nan togalaichean stèisein air an cleachdadh mar àiteachan obrach dha gnothachasan ionadail no tha iad air an cleachdadh mar dhachaighean prìobhaideach.

Dh'fhosgail Caladal nan Gall ann an 1874 agus chaidh a thogail airson na loidsichean seilg, mar an stèisean aig Allt nam Breac. Roimhe seo bha dà àrd-chabhsair agus luib seachnaidh ann. An-diugh tha an àrd-chabhsair a' dol gu tuath fhathast ga chleachdadh agus tha an lùb air a togail. Tha an àrd-chabhsair a th' air fhàgail agus togalach an stèisein ann an deagh staid agus tha iad air duaisean a bhuannachadh. Chaidh bogsaichean chomarran 'Caladal nan Gall Deas' agus 'Caladal nan Gall Tuath' a leagail.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An togalach a b' àbhaist a bhith na Thogalach an Stèisein ann an Caladal nan Gall

GALLAIBH: Hacraig

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line