Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buill den bhuidheann 'Brighter Brora'
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080512
ÀITE
Brùra
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Clìn
DEIT
An t-Iuchar 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19837
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
gàrraidhean
gàrradaireachd
Members of the 'Brighter Brora' group, 1999

Dealbh camara de bhuill buidheann 'Brighter Brora' a chaidh a thogail san Iuchair 1999 agus iad cruinnichte aig stèisean Bhrùra.

'S iad amasan na buidhne pròiseactan a ghabhail os làimh ann am Brùra agus mun cuairt air a leasaicheas coltas a' bhaile agus àrainneachd. Fhuair am buidheann taic bho ScotRail aig stèisean Bhrùra. An seo ghabh am buidheann os làimh tubaichean dhìtheanan agus ceapaich-dhìtheanan a chur, agus an glànadh agus an uisgeachadh rè an t-seusain fàis.

Tha togalach stèisean Bhrùra a' dol air ais gu 1895 agus aig aon àm b' e pàirt den rathad-iarainn a thog an 3mh Diùc Chataibh ann an 1870 a bh' ann. Air an 20mh dhen Ògmhios 1870 chaidh Achd Pàrlamaid aontachadh a thug cead don Diùc rathad-iarainn a thogail air an oighreachd aige bho Ghoillspidh gu Brùra agus Brùra gu Bun Ilidh. Thòisich iad ga thogail mus do chuir iad an làmh-sgrìobhaidh ris an Achd, agus dh'fhosgladh an roinn eadar Dùn Robain agus Bun Ilidh an Iar air a' 1d dhen t- Samhain 1870.

Chaidh an loidhne a thogail airson an oighrachd a leasachadh . Bha stèiseanan aig Goillspidh, Dùn Robain, Brùra, agus Loth. B' e Dùn Robain stèisean prìobhaideach an Diùc, faisg air a' chaisteal, agus chuireadh na h-ainmean Dùn Robain, Caisteal Dhùn Robain, agus Ionad Stad Dhùn Robain air. Chaidh ath-thogail ann an 1902. San Ògmhios 1874 chuir Rathad-iarainn Chataibh is Ghallaibh ris an loidhne gu tuath bho Bhun Ilidh gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill den bhuidheann 'Brighter Brora'

CATAIBH: Clìn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; gàrraidhean; gàrradaireachd

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line