Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Frang Roach, oifigear leasachaidh Rèile na Gàidhealtachd airson a' Chinn a Tuath
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080516
ÀITE
Raoghard
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Raoghard
DEIT
An Lùnastal 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19841
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
Frank Roach, the Highland Rail development officer for the Far North, 1999

Dealbh camara de Frang Roach, oifigear leasachaidh Rèile na Gàidhealtachd airson na loidhnichean a Tuath, a' Chaoil, Prìomh Rèile na Gàidhealtachd agus Taobh Siar na Gàidhealtachd, a chaidh a thogail anns an Lùnastal 1999 aig stèisean Raoghaird. Tha Frang a' fuireach ann an togalaichean stèisein a bh' ann roimhe còmhla ri a bhean, Ceit, agus an triùir chloinne.

Dh'fhosgail stèisean Raoghaird ann an 1874 agus dhùin e ann an 1960. Chaidh ath-fhosgladh ann an 1961 agus chaidh ath-ainmeachadh Ionad Stad Raoghaird. Dh'atharraich an t-ainm aon uair eile gu Raoghard. An-diiugh 's e stèisean le dà àrd-chabhsair agus lùb seachnaidh a th' ann. Tha an àrd-chabhsair gu tuath fhathast ann agus tha coidsichean rèile campachaidh anns a' ghàrradh bathar a bh' ann roimhe air earrann rèile nach eil ceangailte ris a' phrìomh loidhne. Chaidh bogsa chomharran 'Raoghaird a Deas' ath-shuidheachadh o chionn ghoirid beagan nas fhaide gu tuath, agus chaidh bogsa chomharran 'Raoghard a Tuath' a leagail.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Frang Roach, oifigear leasachaidh Rèile na Gàidhealtachd airson a' Chinn a Tuath

CATAIBH: Raoghard

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line