Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
ScotRail Clas 158 aig Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080518
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
DEIT
1 An Giblean 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19843
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèana
trèanaichean
stèiseanan
A ScotRail Class 158 at Tain, 2001

Dealbh camara a chaidh a thogail sa Ghiblean 2001 de sheirbheis ScotRail Clas 158 gu Inbhir Nis aig stèisean Baile Dhubhthaich. Tha an trèana a' toirt seirbheis siubhail 07.20 gu Inbhir Nis agus tha i a' stad aig a h-uile stèisean gu ruige Inbhir Nis. Chaidh an t-seirbheis a thoirt a-steach san t-Sultain 2000, agus 's e leudachadh den t-seirbheis siubhail thùsail à Inbhir Pheofharain, a chaidh a thoirt a-steach sa Mhàrt 1988 a th' ann.

Dh'fhosgail an stèisean ann am Baiile Dhubhthaich ann an 1864. Tha dà àrd-chabhsair, lùb seachnaidh agus tha togalach an stèisein fhathast ann còmhla ri drochaid-coise. Tha an gàrradh bathair le dà fhrith-loidhne fhathast aig a' cheann a tuath. Bha seada 'locomotive' le dà loidhne aig an stèisean seo aig aon àm gu deas agus clàr-tionndaidh. Tha sloc a' chlàr-tionndaidh fhathast ann. Chaidh an dà bhogsa chomharran 'Baile Dhubhthaich a Tuath' agus 'Baile Dhubhthaich a Deas' a leagail.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

ScotRail Clas 158 aig Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; trèana; trèanaichean; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line