Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach an rèile a leig dhiubh an dreuchd, Iain Sutharlanach agus Seoc Sutharlanach
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080519
ÀITE
Brùra
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Clìn
DEIT
Màrt 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19844
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
Retired railway personnel John Sutherland and Jackie Sutherland, 2001

Dealbh camara a chaidh a thogail sa Mhàrt 2001 de Iain Sutharlanach agus Seoc Sutharlanach, luchd-obrach an rèile a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh, nan seasamh air an àrd-chabhsair aig stèisean Bhrùra.

Thòisich Iain Sutharlanach an rèile ann an 1959 mar shuntair ann am Bun Ilidh agus thàinig e gu bhith na neach-chomharran ann am Brùra ann an 1977. An dèidh dha Bloc Comharra Rèidio Eileagtronaigeach (RETB) a thighinn a-steach thàinig e gu bhith na phrìomh neach-rèile, a leigeil dheth a dhreuchd ann an 1992. Thòisich Seoc Sutharlanach mar chlàrc ann am Brùra ann an 1950. Dh'fhàg e ann an 1972 airson obair dhan riaghaltas ionadail.

Chaidh stèisean Bhrùra fhosgladh ann an 1871. 'S e stèisean le dà àrd-chabhsair agus lùb seachnaidh a th' ann. Roimhe seo bhathas a' ruighinn a' ghàrradh bathair tro lùb air an loidhne gu tuath. Tha frith-loidhnichean a' bhathair fhathast ann. Roimhe seo bha mèinn guail ann am Brùra agus bha gual air a làimhseachadh anns a' ghàrradh bathair. Air sgàth na mèinne chaidh aon de na ciad slighean carbaid a chruthachadh - slighe charbaid Bhrùra. Chaidh bogsaichean chomharran 'Brùra a Tuath' agus Brùra a Deas' a leagail. Bha an stèisean cuideachd a' frithealadh dha Taigh-staile Chlìn Shlios.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach an rèile a leig dhiubh an dreuchd, Iain Sutharlanach agus Seoc Sutharlanach

CATAIBH: Clìn

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line