Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An taigh a b' àbhaist a bhith aig maighstir an stèisein ann am Brùra
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080522
ÀITE
Brùra
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Clìn
DEIT
Màrt 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19847
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
The former station master's house at Brora, 2001

Dealbh camara den Bh-ph Sìne Sim a chaidh a thogail sa Mhàrt 2001 air taobh a-muigh an taigh aice a b' àbhaist a bhith aig maighstir an stèisein ann am Brùra. 'S e banntrach Seòrsa Sim, a bha na mhaighstir stèisein ann an Dòrnach agus a ghluais gu Brùra ann an 1960 nuair a dhùin an loidhne gus obair maighstir an stèisein a ghabhail. Dh'fhuirich e san dreuchd sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1980.

Bha Rèile Aotrom Dhòrnach a' ruith bhon Mhùnd gu Dòrnach, Baile Siorrachd Chataibh. B' e aon de dhà rèile aotrom a chaidh a thogail tuath air Inbhir Nis, agus chaidh fhosgladh airson trafaig air 2 An t-Ògmhios 1902. Chaidh an loidhne obrachadh bho thoiseach le Companaidh Rèile na Gàidhealtachd. Bha an companaidh an dòchas teachd-a-steach a bharrachd fhaighinn bhon taigh-òsta mòr a thog iad ann an Dòrnach nuair a chaidh a' mheur seo fhosgladh. Dhùin an loidhne do thrafaig ann an 1960 agus cha robh feum dhan stèisean ag a' Mhùnd tuilleadh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An taigh a b' àbhaist a bhith aig maighstir an stèisein ann am Brùra

CATAIBH: Clìn

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line