Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tocsaid Uisge aig Allt nam Breac
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080525
ÀITE
Allt nam Breac
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
An t-Sultain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19850
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Water Butt at Altnabrec, 1999

Chaidh an dealbh camara seo de stèisean iomallach Allt nam Breac a thogail san t-Sultain 1999, agus 's e aon de na stèiseanan as iomallaichre air lìonra rèile na RA.,

Chaidh an stèisean fhosgladh air 28 An t-Iuchar 1874 le Rèile Chataibh agus Ghallaibh agus chaidh a ghabhail thairis an dèidh sin le Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail mar stèisean le dà àrd-chabhsair le lùb seachnaidh. An-diugh thathas a' cleachdadh aon àrd-chabhsair agus tha bun an t-seann tanca uisge agus frith-loidhne fhathast ann. Tha aon de thogalaichean an stèisein fhathast na sheasamh agus tha e air a chleachdadh mar dhachaigh prìobhaideach. Tha an dà bhogsa chomharran, 'Allt nam Breac a Deas' agus 'Allt nam Breac a Tuath' air an leagail.

Tha an t-adhbhar airson an stèisean a thogail na rùn dìomhair oir chaidh a thogail ron taigh-òsta/loidse selig 1.54 cilemeatair (1 mìle) gu deas.'S dòcha gun deach a shuidheachadh airson adhbharan obrach oir tha lùb seachnaidh le tanca uisge ann.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tocsaid Uisge aig Allt nam Breac

GALLAIBH: Hacraig

1990an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line