Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Chaisteal Dhùn Robain
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080530
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
Samhain 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19855
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
Dunrobin Castle station, 1997

Chaidh an dealbh camara seo de stèisean Chaisteal Dhùn Robain le a thogalach stèisean dùthchail agus àrd-chabhsair eilein, a thogail san t-Samhain 1997.

Chaidh an stèisean fhosgladh ann an 1870 agus chaidh a thogail gu sònraichte airson Diùcan Chataibh a chleachdadh. Chaidh togalach an stèisein a th' ann an-diugh a thogail dhan 4mh Diùc ann an 1902 leis an ailtire L, Bisset, agus tha e dubh agus geal letheach-fiodha ann an stoidhle Cheshire, le sgàilean àrd-chabhsair de chraobhan le cinn-togalaich a' faighinn taic bho stocan chraobhan. Chaidh an stèisean fhosgladh dhan phoball nuair a chaidh na rathaidean-iarainn a chur ann an sealbh na stàite ann an 1948 agus chaidh a dhùnadh le Beeching ann an 1965, agus chaidh ath-fhosgladh air 30 An t-Ògmhios 1985. Bha na h-ainmean Dùn Robain, Caisteal Dhùn Robain agus Ionad Stad Dhùn Robain air.

An-diugh, tha àrd-chabhsair eilein an stèisein fhathast ann, ach chan eil an t-seann seada choidsichean fiodha anns an robh coidse rèile prìobhaideach Diùc Chataibh na sheasamh tuilleadh. Chaidh mòran obair leasachaidh a dhèanamh air togalach an stèisein a tha ann an stoidhle dùthchail, agus an-diugh tha taigh-tasgaidh beag de chuimhneachain rèile ann.

Ged a thog mòran uaislean ann an Linn Bhictòria seòmraichean feitheamh prìobhaideach aig stèiseanan ionadail, agus bha còir aca stad a chur air trèanaichean gu math tric, chan e a-mhàin gun robh an stèisean fhèin aig Diùcan Chataibh, ach bha seada einnsean, einnsean tanca agus dà choidse prìobhaideach aca.. Bha an t-einnsean air a ghleidheadh ann an Goillspidh agus na coidsichean ann an Dùn Robain. Tha aon de na coidsichean sin a-nis ann an cruinneachadh Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile. Suas gu 1948, nuair a ruigeadh an trèana aca Inbhir Nis, bha na coidsichean air an ceangal ri trèana prìomh loidhne agus air an toirt gu an oighreachdan ann an Siorrachd Stafford agus Lunnainn.

Bha an 3mh Diùc dèidheil air an rèile agus bhiodh e fhèin a' dràibheadh an t-einnsean tanca. Bha suidheachan còmhdaichte aige air beulaibh a' bhuncair guail dha luchd-siubhail sam bith a bha ag iarraidh a dhol còmhla ris air a' phleit-coise. Bha loidhne na Gàidhealtachd a' stad goirid air oighreachdan agus le sin thog an Diùc 16 mìle de loidhne bho Ghoillspidh gu Bun Ilidh agus phàigh e fhèin a' chosgais.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Chaisteal Dhùn Robain

CATAIBH: Goillspidh

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line