Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crann-ola ann an Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080531
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
DEIT
Dùbhlachd 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19856
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
lùth
ola a' Chuain a Tuath
Oil Rig at Invergordon, 1999

San dealbh camara seo a chaidh a thogail san Dùbhlachd 1999, tha crann ola a thathas a' càradh aig MacGregor Energy Service Woodside Fabrication ag èirigh os cionn stèisean Inbhir Ghòrdain.

Tha MacGregor Energy Service Woodside Fabrication a' seirbheiseadh crainn-ola airson gnìomhachasan ola agus gas a' Chuain a Tuath. Tha na crainn-ola sin air acair ann an Caolas Chrombaidh, aon de na h-acarsaidean as doimhne, as sàbhailte agus as motha ann an ceann a tuath na h-Alba. Bha àite cudromach aig a' Chaolas anns an Dàrna Cogadh nuair a bha cabhlach Bhreatainn air acair ann.

Thug an rèile a thàinig gu Inbhir Ghòrdain ann an 1863 tuilleadh leasachadh gu bhaile a bha na phort mara soirbheachail. Chaidh cala a thogail an sin còrr is trìthead bliadhna mus tàinig an rèile agus 's ann mar thoradh air seo, a fhuair Inbhir Ghòrdain inbhe mar a' phrìomh bhaile ann an ceann a tuath na h-Alba airson a bhith a' sgaoileadh bathar.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crann-ola ann an Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan; lùth; ola a' Chuain a Tuath

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line