Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An stèisean aig a' Mhund
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080533
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
Faoilleach 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19858
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
The station at Mound, 2001

San dealbh camara seo tha an stèisean aig A' Mhùnd, a chaidh a togail san Fhaoilleach 2001. B' e seo an ceangal airson na Loidhne meòir gu Dòrnach a bha air obrachadh le Rèile Aotrom Dhòrnaich. Dh'fhosgail an stèisean aie 13 An Giblean 1868 agus dhùin e air 13 an t-Ògmhios 1960. Bha dà àrd-chabhsair (aon air a' phrìomh loidhne agus aon air an loidhne meòir), agus lùb air an dà shlighe aig an stèisean. Tha cuid de thogalaichean an stèisein fhathast nan seasamh ach chaidh bogsa chomharran Snaim A' Mhùind a leagail.

Chaidh a' chiad cheap de Rèile Aotrom Dhòrnaich a ghearradh air 15 An Cèitean 1900 agus dh'fhosgail e do thrafaig air 2 an t-Ògmhios 2002. Chaidh fhosgladh le buidheann de luchd-gnothachais à Dòrnach. B' e loidhne meòir a bh' ann a bha a' ceangal Dòrnach ri prìomh Rèile na Gàidhealtachd 11 cilemeatair (7 mìle) air falbh aig A' Mhùnd. Dà bhlidhna an dèidh sin chaidh Taigh-òsta an Stèisein (ris an canar Taigh-òsta Dhòrnach an-diugh) fhosgladh le 60 rùm spaideil agus na goireasan a b' ùire. Airson an ath 30 bliadhna bha an taigh-òsta spaideil seo a' tàladh luchd-turais bheairteach.

B' e slighe chun a' chòrr den t-saoghal a bh' ann an Rèile Aotrom Dhòrnach dha mòran de mhuinntir an àite. Airson a' chiad uair ann an eachdraidh bha siubhal an ìre mhath furasta agus gun a bhith ro chosgail. Dh'fhaodadh luchd-obrach an iasgaich à Euraboil tiogaidean tillidh a cheannach gu na puirt sgadain ann an Sasainn gus airgead a chosnadh airson a chur dhachaigh, agus bha e furasta do dhaoine òga na paraiste siubhal gu oilthighean sna mòr-bhailtean.

Anns na 1950 bha càraichean aig mòran agus chrìon siubhal air an rèile. Chaidh Rèile Aotrom Dhòrnaich a mheas nach robh e a' dèanamh prothaid agus dhùin e airson trafaig ann an 1960.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An stèisean aig a' Mhund

CATAIBH: Dòrnach

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line