Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Stèisean Àrd Gaoithe
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080534
ÀITE
Àrd Gaoithe
SGÌRE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Chàrdainn
DEIT
Samhain 1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19859
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
View from Ardgay Station, 1997

Dealbh camara de stèisean Àrd Gaoithe a chaidh a thogail san t-Samhain 1997.

B' e Drochaid a' Bhanna a bha air an stèisean nuair a chaidh fhosgladh air 1d An Dàmhair 1864, agus chaidh ath-ainmeachadh Àrd Gaoithe air 2 An Cèitean 1977. B' e an ceann-uidhe a b' fhaide a tuath de Rèile Inbhir Nis & Siorrachd Rois, a thòisichear a' togail ann an 1860. B' e an loidhne a' chiad cheum ann an ceangal rèile gu ceann a tuath na h-Alba, ris an canar an Loidhne a Tuath an-diugh. Ro 1868 bha Rèile Inbhir Nis & Siorrachd Rois air a cheangal ri Rèile Chataibh a' toirt a' cheangail cho fada gu tuath ri Goillspidh. Ann an 1871 chaidh a cheangal ri rathad-iarainn an 3mh Dùic Chataibh, ga leudachadh gu Bun Ilidh. Chaidh an ceangal rèile à Inbhir Nis chun an fhìor cheann a chrìochnachadh ann an 1874 nuair a dh'fhosgail Rèile Ghallaibh agus Chataibh, eadar Bun Ilidh agus Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa.

An-diugh, tha dà lùb seachnaidh agus gàrradh bathar nach eileas a' cleachdadh agus frith-loidhnichean, aig stèisean Àrd Gaoithe. Tha an togalach tùsail fhathast ann. Tha an dà bhogsa chomharran 'Àrd Gaoithe a Tuath' agus 'Àrd Gaoithe a Deas' air an cur ri talamh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Stèisean Àrd Gaoithe

ROS: Cinn Chàrdainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line