Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ùrnaighean Gàidhlig 17
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_GAELICPRAYERS_17
LINN
1980an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
1986
KEYWORDS
ùrnaighean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Thuirt ar Tighearna Iosa Crìosd "Èisd, O Israel, an Tighearna ar Dia is aon Dia e, agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia le d' uile chridhe, le d' uile anam, le d' uile inntinn agus le d' uile neart." Is i seo a' chiad àithne agus is cosmhail an dara rithe: Gràdhaichidh tu do choimhearsnachd mar thu fhèin. Chan eil àithne eile ann a tha nas motha na na h-àithntean seo. Tha an lagh uile agus na fàighean an crochadh air an dà àithne seo. A Thighearna dèan tròcair oirnn agus sgrìobh do laghan seo nar cridheachan, tha sinn a' guidhe ort.

(An Eadar-ghuidhe:
An dara Leadan goirid:) Guidheamaid air an Trianaid uile-naoimh agus uile-bheannaichte gum builich i tròcair agus gràs oirnn agus air na daoin uile. A Dhia an t-Athair, dèan tròcair oirnn. A Dhia am Mac, dèan tròcair oirnn. A Dhia an Spiorad Naomh, dèan tròcair oirnn. Sìn a mach do làmh oirnn, a Thighearna, agus sàbhail sinn. Tog sinn agus dìon sinn. A Thighearna, dèan tròcair.
Guidheamaid airson na sìthe a tha a' tighinn a-nuas agus airson slàinte ar n-anamannan.
Guidheamaid airson sìth an t-saoghail gu lèir agus airson sonas agus aonachd eaglais Dhè. Guidheamaid airson iompachadh an fheadhainn sin a tha anns a' mhìchreideamh agus anns a' mhearachd.
Guidheamaid airson ar dùthcha, airson an àite (no airson a' bhaile seo), airson na sgìreachd seo agus airson nan uile a tha a' gabhail còmhnaidh ann.
Guidheamaid airson an t-sluaigh Chrìosdaidh gu lèir air feadh an t-saoghail.
Guidheamaid airson nam prionnsachan agus nan riaghladairean Crìosdaidh uile, agus gu h-àraid airson Ban-tighearna rìoghail, a' Bhànrigh Ealasaid.
Guidheamaid airson nan uile aig a bheil ùghdarras anns an dùthaich seo agus gu h-àraid anns an t-siorrachd (no anns a' bhaile, no anns an àite seo).
Guidheamaid airson easbaigean agus clèir eaglais Chrìosda agus gu h-àraid airson ar n-easbaigne. Guidheamaid airson luchd-turais agus airson luchd-cuairt gu lèir. Guidheamaid airson seasmhachd anns a' chreideamh agus airson na bràithrean thar chuan.
Guidheamaid airson nan uile a tha tinn no a' fulang nan inntinn, nan corp no nan staid. Guidheamaid airson bàis naoimh shona, airson fois ann am Pàrras, agus airson sealladh foirfe glòir Dhè.
Guidheamaid gum faod sinne na naoimh agus na martairean beannaichte a leantainn ann a bhith a' giùlan ar crois ron t-saoghal.
Guidheamaid airson nam marbh creidmheach.

(Faodar an Leadan a dhùnadh le ùrnaigh, no faodar an eadar-ghuidhe a dhèanamh anns an fhoirm seo a leanas no ann am foirm chosmhail:)

Guidheamaid airson eaglais Dhè gu lèir ann an Iosa Crìosd agus airson nan uile dhaoine a-rèir an èiginn.
A Dhia uile-chumhachdaich a tha air gealltainn èisdeachd ris na h-ùrnaighean acasan a tha ag iarraidh ann an creideamh.

(An seo faodar ùrnaigh a dhèanamh airson na h-eaglais air feadh an t-saoghail, agus gu h-àraid airson na sgìreachd agus airson a h-easbaig, airson dìth shònraichte sam bith na h-eaglais agus faodaidh greiseag tosd a bhith ann. An-dèidh seo faodar a ràdh:)

Èisd a Thighearna na tròcair ri ar n-ùrnaigh. Deònaich gun aonaichear sinn a tha ag aideachadh d' ainm nad fhìrinn, gum bi sinn beò còmhla ri chèile nad ghràdh agus gun nochd sinn a-mach do ghlòr anns an t-saoghal.

(An seo faodar ùrnaigh a dhèanamh airson dùthchannan an t-saoghail agus airson na rìoghachd seo, agus airson Ealasaid a' bhànrigh, airson nan uile dhaoine nan dreuchdan fa leth agus a-rithist faodaidh greiseag tosd a bhith ann. An-dèidh seo faodar a ràdh:)

Èisd a Thighearna na tròcair ri ar n-ùrnaigh. Treòraich an dùthaich seo agus na dùthchannan uile ann an slighean a' cheartais agus na sìthe los gun urramaich sinn daoine uile agus gun seas sinn am math coitcheann.

(An seo faodar ùrnaigh a dhèanamh air an son-san a tha tinn, bochd agus fo thrioblaid, airson na h-èiginn phearsannan sònraichte - agus a-rithist faodar greiseag tosd a bhith ann. Agus an-dèidh seo faodar a ràdh:)

Èisd a Thighearna na tròcair ri ar n-ùrnaigh. Sàbhail agus cobhair iadsan a tha a' fulang los gun cum iad dhutsa troimh mhath agus troimh olc agus gun cuir iad earbsa nad ghràdh cinnteach.

(An-seo faodar cuimhneachadh a dhèanamh air na mairbh. Faodar luaidh a dhèanamh orra nan ainm-san agus a-rithist faodaidh greiseag tosd a bhith ann. An-dèidh seo faodar a ràdh:)

Èisd a Thighearna na tròcair ri ar n-ùrnaigh. Èisd ruinn mar a chuimhnicheas sinn orrasan a chaochail anns a' chreideamh agus deònaich dhuinn roinn na dreuchd shìorraidh maille riuthasan.

(Aig crìoch nan ùrnaighean, canar:) "Deònaich ar n-ùrnaighean seo, Athair thròcairich, air sgàth do Mhic, ar Slànaighear, Ìosa Crìosd. Àmen"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ùrnaighean Gàidhlig 17

1980an

ùrnaighean; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Gaelic Prayers