Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàrradh na stèisein ann an Goillspidh
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080535
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
Lùnastal 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19860
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan
The station yard at Golspie, 1999

Chaidh an dealbh camara seo den t-soidhne a b' àbhaist a bhith airson stèisean Ghoillspidh ga ath-chleachdadh anns na cruachan guail ann an gàrradh an stèisein a thogail san Lùnastal 1999.

Dh'fhosgail stèisean Ghoillspidh air 1d An Dàmhair 1864 le dà àrd-chabhsair agus lùb seachnaidh ann. An-diugh tha aon àrd-chabhsair fhathast ga chleachdadh agus chaidh an lùb a thogail. Tha togalach an stèisein fhathast ann agus tha an gàrradh bathar a' b' àbhaist a bhith ann gu deas air an stèisean. Chaidh an dà bhogsa chomharran 'Goillspidh a Tuatth' agus 'Goillspidh a Deas' a leagail. Bha an stèisean a' comharrachadh an ìre as fhaide tuath den Rèile Chataibh. Chaidh an loidhne a leudachadh gu tuath le Rèile Diùc Chataibh. Shuidhich an Diùc seada einnsein an seo cuideachd airson an einnsean aige Dùn Robain.

B' e baile beag a bh' ann an Goillspidh aig aon àm le beagan thaighean tughaidh, ach air sgàth buaidh nam Fuadaichean, dh'fhàs am baile gu bhith na bhaile mòr. Chaidh daoine fhuadach às na srathan faisg air làimh, gu h-àraidh à baile An Luirg agus rinn iad còmhnaidh ann an sràidean Ghoillspidh a bha air an ùr chur a-mach. Anns na 1830an bha àireamh-sluaigh mu 450 ann agus am measg nan goireasan bha oifis a' phuist, banca, taighean-òsta, sgoil agus muileann faisg air làimh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàrradh na stèisein ann an Goillspidh

CATAIBH: Goillspidh

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line