Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gàrradh Giùlain Guail aig An Luirg
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080603
ÀITE
An Luirg
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: An Luirg
DEIT
Ògmhios 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19864
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
làraidh
làraidhean
Coal Haulage Yard at Lairg, 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san Ògmhios 1999 de Stiùbhart MacAoidh a b' àbhaist a bhith na neach-chomharran aig an rèile. 'S ann leis a tha gnothachas gliùlain guail a tha e ag obrachadh a-mach à seada agus gàrradh bathair a b' àbhaist a bhith leis an rèile aig stèisean An Luirg. Tha Iain Ros a bhios ga chuideachadh sa ghnothachas air an làraidh. Coltach ri mòran de shluagh an àite tha dhiofar sheòrsachan ùidhean gnothachais aca; tha Stiùbhart na thuathanach stuic agus chaorach agus rè an t-seusain tha Iain ag obair ann an gnìomhachas turasachd.

Tha an Luirg aig ceann a deas Loch Sin, agus tha e air a mheas mar gheata gu Ceann a Tuath na Gàidhealtachd, oir 's ann an seo a tha na rathaidean gu tuath, gu deas, chun an ear agus chun an iar uile a' coinneachadh. Tha mu 900 neach a' fuireach ann, agus tha e na annas sa Ghaidhealtachd oir 's e an t-aon bhaile meadhanach mòr nach eil air an oirthir. Bha seo gu ìre air sgàth is gun do thogadh stèisean san Luirg anns na 1800an.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gàrradh Giùlain Guail aig An Luirg

CATAIBH: An Luirg

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; làraidh; làraidhean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line