Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Làrach Fon-mhuir Haiblurton aig an Drochaid Shuas
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080607
ÀITE
Drochaid an Iar
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
Gearran 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19867
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
lùth
ola a' Chuain a Tuath
Halliburton Subsea Wester Site at Bridge of Wester, 2001

Dealbh camara a chaidh a thogail sa Ghearran 2001 de Làrach Fon-mhuir Shuas Haiblurton aig an Drochaid Shuas, tuath air Inbhir Ùige a tha a; dèanamh pasganan loidhne-phìoban airson gnìomhachasan an ola agus a' ghas. Tha na pìoban air an giùlan gu tuath à Hartlepool, Clevland gu Snaim Fèill Sheòrais far a bheil iad air an toirt far na trèana agus tha iad an uair sin air an toirt chun na Drochaid Shuas air an rathad. Tha rèile aig an làrach Shuas agus 's e seo an rèile as fhaide tuath anns an RA. 'S e togail loidhneach a th' ann a tha a' dol grunnan mhìltean a-steach dhan dùthaich. Mar a tha na pasganan phìoban air an dèanamh, tha iad air an sìneadh a-mach air an loidhne. Aon uair 's gu bheil iad an fhad cheart tha iad air an 'sgiathalach' a-mach, fon uisge, bhon Bhàgh Shuas gus an ruig iad an raon ola far an tèid an cur an sàs.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Làrach Fon-mhuir Haiblurton aig an Drochaid Shuas

GALLAIBH: Inbhir Ùige

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; lùth; ola a' Chuain a Tuath

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line