Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ag ath-nuadhachadh an drochaid-coise aig Stèisean Bhun Ilidh
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080611
ÀITE
Bun Ilidh
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
DEIT
An t-Samhain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19870
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
einnseanaireachd
Restoring the footbridge at Helmsdale Station, 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san t-Samhain 1999 de neach-brach ag obair air drochaid-coise Bhun Ilidh fhad 's a bhathas ga ath-nuadhachadh. Rè a' Phrògram Ath-leasachaidh Stèiseanan ghabh ScotRail ri poileasaidh dualchais gnìomhach airson na Loidhne a Tuath. Bha drochaidean-coise nan stèiseanan air an ath-nuadhachadh an àite feadhainn ùra a bhith air an cur nan àite. Chaidh an obair a dhèanamh le companaidhean ionadail, agus b' e MacGregor Energy Service Woodside Fabrication à Inbhir Ghòdain aon diubh sin.

Tha an companaidh a' seirbheiseadh crainn-ola airson gnìomhachasan ola agus gas a' Chuain a Tuath.Tha na crainn-ola sin air acair ann an Caolas Chrombaidh, aon de na h-acarsaidean as doimhne, as sàbhailte agus as motha ann an ceann a tuath na h-Alba agus chithear crainn-ola bhon Loidhne a Tuath.

Bha àite cudromach aig a' Chaolas anns an Dàrna Cogadh nuair a bha cabhlach Bhreatainn air acair ann le ionad trèanaidh agus obrachaidh mòr airson innelanan muir-thìreach Catalina agus pleànaichean-mara Sunderland.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ag ath-nuadhachadh an drochaid-coise aig Stèisean Bhun Ilidh

CATAIBH: Cill Donnain

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; einnseanaireachd

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line