Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-gleidhidh an RSPB anns an Fors na h-Àirde, 2001
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080613
ÀITE
Fors na h-Àirde
SGÌRE
Tunga agus Fàrr
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Fàrr
DEIT
Am Faoilleach 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19872
KEYWORDS
RSPB Wardens at Forsinard, 2001

Dealbh camara de Noraidh Russel agus Seumas Plowman, luchd-gleidhidh an RSPB (Comann Rìoghail Dìon nan Eun) a chaidh a thogail anns an Fhaoilleach 2001 aig an ionad tadhail anns an t-seann steisean anns an Fors na h-Àirde. Tha an tèarmann anns a bheil 35,000 acaire, fo shealbh agus air obrachadh leis an RSPB, air a dhèanamh an-àirde de bhoglach 'plangaid' domhainn agus tha e suidhichte ann an teis-meadhan mòinteach Ghallaibh agus Chataibh, ris an canar 'Dùthaich nan Sruth' mar as trice.

Bha an rèile aig aon àm na adhbhar airson geur-leanmhainn a dhèanamh air eòin cobhartach, a bha air am marbhadh gus eòin seilg a bhathas ag àrach gus spòrs a thoirt dha daoine a bha a' siubhal air trèana gu na h-oighreachdan seilg. a dhìon.

Dh'fhosgail stèisean an Fors na h-Àirde 18 An Iuchair 1874 agus tha dà àrd-ùrlar agus lùib seachnaidh ann. Tha am bogsa chomharran 'Am Fosan Àrd a Tuath' fhathast na sheasamh ach chaidh am bogsa chomarran 'Am Forsan Àrd a Deas' a leagail.

Bha luchd-obrach an rèile eòlach air an stèisean san Fors na h-Àirde air am far-ainm, "Frozen Hard" air sgàth an t-sìde chruaidh ann am mìosan a' gheamhraidh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna air ais, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha ptìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeannaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeannaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba aur 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a'chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeannaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tire agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leasas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilb hbho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003.

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàitichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-gleidhidh an RSPB anns an Fors na h-Àirde, 2001

CATAIBH: Fàrr

2000an

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line