Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Caisteal Charbasail agus luchd-tadhail
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080615
ÀITE
Cùl Ràthain
SGÌRE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Chàrdainn
DEIT
An t-Sultain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19874
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
ostailean òigridh
ìomhaighean
caistealan
Carbisdale Castle SYHA staff and visitors, 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san t-Sultain 1999 de luchd-obrach an ostail òigridh agus luchd-tadhail ann an gailearaidh nan ìomhaighean ann an Caisteal Charbasdail. Tha an caisteal air a bhith na ostail òigridh bho 1945 agus tha e faisg air an Loidhne a Tuath agus 's e Cùl Ràthain an stèisean air a shon.

Chaidh Caisteal Charbasdail a thogail le Ban-diùc Dhubhairiche Cataibh eadar 1906 agus 1917. Phòs Màiri Caroline Blair (Mitchell mus do phòs i) an 3mh Diùc Chataibh ann an 1889. Nuair a bhàsaich e ann an 1892 dh'fhàg e a' chuid a bu mhotha dhe na bh' aige aig a bhantraich, ach sheas an teaghlach an aghaidh an Tiomnaidh. Mu dheireadh thàinig gach taobh gu aonta a thug rèite ionmhasail mòr dhan Bhan-diùc Dhubhairiche. Dh'aontaich an teaghlach cuideachd caisteal a thogail dhith fhad 's a bha e air taobh a-muigh fearann Chataibh. Tha an caisteal air a shuidheachadh air taobh cnuic agus follaiseach don chuid mhòr de Chataibh, gu h-àraidh a' phrìomh rathad agus loidhne an rèile a dh'fheumadh teaghlach Diùc Chataibh a chleachdadh air an slighe gu deas. B' e 'Caisteal a' Ghamhlais' a bh' air oir bhathas den bheachd gun do shuidhich a' Bhan-diùc an caisteal an sin gus gamhlas a thoirt do theaghlach an duine aice agus an aonta gun tàinig iad. Thathas ag ràdh gur e an t-adhbhar nach eil aghaidh cloc ach air trì de cheithir thaobhan tùr a' chaisteil - tha taobh Chataibh bàn - nach robh a' Bhan-diùc airson an uair a thoirt do na càirdean a bh' aice roimhe.

Ann an 1933 chaidh Caisteal Charabasdail a cheannach le Theodor Salvesen, fear mòr nan soithichean. Ann an 1945 thug teaghlach Salvesen seachad an caisteal, na bha na bhroinn agus an oighreachd gu lèir na ghibht do Chomann Ostailean na h- Òigridh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Caisteal Charbasail agus luchd-tadhail

ROS: Cinn Chàrdainn

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; ostailean òigridh; ìomhaighean; caistealan

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line