Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bogsaichean-stòraidh mòr-bhùth gan toirt far na trèana aig Snaim Fèill Sheòrais
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080617
ÀITE
Fèill Sheòrais
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
Faoilleach 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19876
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèana
trèanaichean
Supermarket containers being unloaded at Georgemas Junction, 2001

Dealbh camara a chaidh a thogail san Fhaoilleach 2001 de bhogsaichean-stòraidh mòr-bhùth Safeway gan toirt far trèana Iomairt Shasainn, na Cuimrigh agus na h-Alba (EWS) aig Snaim Fèill Sheòrais. Bha Safeway, ann an aonadh le EWS,a' cleachdadh còmhdhail rèile gus bathar a ghluasad bho an ionadan sgaoilidh aig deas gu am bùthan ann an Inbhir Nis, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa agus Arcaibh. Bha na bogsaichean-stòraidh airson Arcaibh air an toirt far na trèana aig Snaim Fèill Sheòrais agus air an cur air còmhdhail-rathaid gus leantainn air an t-slighe gu Sgrabastair. An seo bha iad air an cur air an aiseag gu Sromnis, Arcaibh. Bha na bogsaichean falamh a' dèanamh an slighe air ais agus bha iad air an cur air trèana iomairt EWS aig Snaim Fèill Sheòrais airson an tilleadh gu ionadan sgaoilidh na mòr-bhùtha aig deas. Chaidh Safeway a cheannach le Wm Morrison sa Mhàrt 2004 agus chaidh an t-ainm à sealladh san RA air 24 An t-Samhain 2005.

'S ann aig Snaim Fèill Sheòrais a tha a' mheur loidhne gu Inbhir Theòrsa a' sgarradh bhon Loidhne a Tuath, a tha a' cumail a' dol gu Inbhir Ùige. Tha an snaim air a shònrachadh mar am fear as fhaide a turath air Lìonra Rèile na RA. Tha an t-ainm Fèill Sheòrais a'' tighinn bhon fhèill no margaidh ionadail a bha air a cumail aig Cnoc Shòrdail air Latha an Naoimh Sheòrais agus chaidh an t-ainm seo a thoirt air an t-snaim ann an 1874. Dh'fhosgail an stèisean air 28 An t-Iuchair 1874. Tha dà phrìomh àrd-chabhsair ann, togalach stèisein, drochaid-coise, lùb seachnaidh agus frith-loidhnichean a tha co-shìnte ri àrd-chabhsair Ibbhir Nis gu Inbhir Ùige. Tha drochaid rathaid a' dol thar an stèisein aig a' cheann an ear agus tha seada aig ceann a deas na stèisein. Tha àrd-chabhsair òib aig meur Inbhir Theòrsa (a tha a-nis air a thogail). B' e bogsa chomharran àrd a bh' ann am bogsa chomharran 'Snaim Fèill Sheòrais' agus mhair e beagan bliadhnachan an dèidh dha bhith ga chleachdadh, ach tha e air a leagail an-diugh. Chaidh bogsa chomharran 'Fèill Sheòrais a Tuath' a leagail iomadh bliadhna roimhe sin.

Bha na puingean airson an trafaig a' stiùireadh gu Inbhir Ùige no Inbhir Theòrsa air an obrachadh le frèam luamhain ri taobh na loidhne. Ghabh siostam sàthaidh àite seo ann an 19p9. 'S e inneal a tha suidhichte air àrd-chabhsair an stèisein a tha seo a tha a' leigeil leis an dràibhear na puingean atharrachadh le bhith a' putadh putan air pannal le làimh; an seo tha iad air an comharrachadh Inbhir Ùige no Inbhir Theòrsa.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bogsaichean-stòraidh mòr-bhùth gan toirt far na trèana aig Snaim Fèill Sheòrais

GALLAIBH: Hacraig

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line