Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
ScotRail Clas 158 eadar Bun Ilidh agus Brùra
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080625
ÀITE
neo-aithnichte
DEIT
An Lùnastal 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19881
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
A ScotRail Class 156 between Helmsdale and Brora, 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san Lùnastal 1999 de thrèana seirbheis ScotRail 156 gu Inbhir Nis, a' siubhal gu deas gu Brùra à Bun Ilidh,

Chaidh togail a' phìos seo den loidhne a ghabhail os làimh leis an 3mh Diùc Chataibh. Air an 20mh dhen Ògmhios 1870 chaidh Achd Pàrlamaid aontachadh a thug cead don Diùc rathad-iarainn a thogail air an oighreachd aige bho Ghoillspidh gu Brùra agus Brùra gu Bun Ilidh. Thòisich iad ga thogail mus do chuir iad an làmh-sgrìobhaidh ris an Achd, agus dh'fhosgladh an roinn eadar Dùn Robain agus Bun Ilidh an Iar air a' 1 An t-Samhain 1870.

Chaidh an loidhne a thogail airson an oighrachd a leasachadh . Bha stèiseanan aig Goillspidh, Dùn Robain, Brùra, agus Loth. B' e Dùn Robain stèisean prìobhaideach an Diùc, faisg air a' chaisteal, agus chuireadh na h-ainmean Dùn Robain, Caisteal Dhùn Robain, agus Ionad Stad Dhùn Robain air. Chaidh togalach an stèisein ath-thogail ann an 1902 agus chaidh fhosglach dhan phobal nuair a chaidh an rèile a chur an seilbh na stàite ann an 1948.. San Ògmhios 1874 chuir Rathad-iarainn Chataibh is Ghallaibh ris an loidhne gu tuath bho Bhun Ilidh gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa. Chaidh an stèisean a dhùnadh le Beeching ann an 1965 ach chaidh ath-fhosgladh air 30 An t-Ògmhios 1985. San Ògmhios 1874 chuir Rathad-iarainn Chataibh is Ghallaibh ris an loidhne gu tuath bho Bhun Ilidh gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, agus chuir seo crìoch air loidhne gu tuath à Inbhir Nis.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

ScotRail Clas 158 eadar Bun Ilidh agus Brùra

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line