Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
ScotRail Clas 156 a' dol thar 'Dùthaich nan Sruth'
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080627
ÀITE
neo-aithnichte
DEIT
An t-Sultain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19882
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèana
trèanaichean
A ScotRail Class 156 crossing the 'Flow Country', 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san t-Sultain 1999 de trèana ScotRail Clas 156 a' dol thar 'Dùthaich nan Sruth' gu deas air An Fhorsan Àrd. 'S iad Beainn Griam Beag agus Beinn Griam Mòr na beanntan a chithear fad às air cùlaibh lochain dhubha Frìth Achadh an t-Sabhail.

'S e 'Dùthaich nan Sruth' an t-ainm a th' air a thoirt do dh'fhearann mònach agus fliuch Ghallaibh agus Chataibh. 'S e 'sruthan' am briathrachas ionadail airson na siostaman puill-mhònach agus lochain. 'S e an earran as motha de bhoglach plangais san Roinn Eòrpa, agus tha e a' còmhdach mu 4,000 cilemeatair² (1540mìle²). 'S e cumaidhean mòine fhliuch a tha a' cumail gu dlùth ri loidhnichean-àirde an fhearainn agus a tha a' fàs aig ìre glè shlaodach, mar as trice mu 1mm gach bliadhna, a th' ann am boglaichean plangaid. Tha còinneach dhearg a' cruthachadh agus a' cumail suas nam boglach.

Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air 'Dùthaich nan Sruth' eadar 1979 agus 1987 le bhith a' cur craobhan-durcain nach robh dùthchasach agus le bhith a' gearradh mìltean thar mhìltean de dhrèanaichean. Thiormaich na craobhan a' mhòine, ag atharrachadh na h-àrainn agus a' sgrios a luach do dh'eòin agus fiadh-bheatha eile. Ann an oidhirp gu ath-leasachadh a dhèanamh air a' mhilleadh, cheannaich Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) ceàrnaidh mhòr ann am meadhan 'Dùthaich nan Sruth' agus chruthaich iad Tèarmann Nàdair Fhorsan Àrd, stèidhichte mu thimcheall togalaichean an stèisein a bh' ann roimhe san Fhorsan Àrd.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

ScotRail Clas 156 a' dol thar 'Dùthaich nan Sruth'

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line