Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
ScotRail Clas 156 a' dol tarsainn Abhainn Nis
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080628
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
An Gearran 2000
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19883
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
trèana
trèanaichean
drochaidean
A ScotRail Class 156 crossing the River Ness, 2000

Dealbh camara a chaidh a thogail sa Ghearran 2000 de ScotRail Clas 156 à Inbhir Pheofharain a' dol tarsainn na drochaid air Abhainn Nis.

Dh'fhosgail drochaid an rèile sa Ghiblean 1990 agus tha i mu 73 meatairean (80 slat) sìos an abhainn bho Dhrochaid Waterloo. Aig an àm seo 's i an drochaid as ùire thar Abhainn Nis. Shiab an abhainn air falbh an drochaid rèile thùsail air madainn 7 An Gearran 1989 an dèidh uisge trom an dà latha roimhe sin. Cha robh trèana air an drochaid aig an àm ged a bha trèana gu Caol Loch Aillse a' dol a dh'fhàgail stèisean Inbhir Nis aig 08.30, ach fhuaireas rabhadh ann an àm.

Bha an drochaid thùsail air a bhith na seasamh bho 1862 agus bha i air a dèanamh an-àirde de chòig boghaichean agus bha rèis 22 meatair (73 troigh) anns gach fear dhiubh. Bha boghaichean a bharrachd air gach bruaich agus dà dhrochaid shailthean airson rèis Sràid Mhic Anndrais air taobh Mharg Innis agus Sràid a' Chladaich air taobh a' bhaile. Mhair na h-earrannan mu dheireadh sin nuair a thuit an drochaid, ach chaidh an drochaid thar Sràid a' Chladaich a mhilleadh air 5 An Dàmhair 2003 le làraidh a bha a' giùlan JCB.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

ScotRail Clas 156 a' dol tarsainn Abhainn Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; trèana; trèanaichean; drochaidean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line