Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid-coise air Drochaid-rèile Inbhir Sin
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080631
ÀITE
Inbhir Sin
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Craoich
DEIT
Am Faoilleach 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19886
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
drochaidean-rèile
Footbridge on the Invershin Viaduct, 2001

Dealbh camara a chaidh a thogail san Fhaoilleach 2001 den drochaid-coise a th a' ruith ri taobh Drochaid-rèile Inbhir Sin a chaidh fhosgladh sa Chèitean 200 mar fhreagairt bho Railrtrack (Natwork Rail an-diugh) airson an trioblaid le daoine a' dol thar chrìochan fearainn an rèile le bhith a' cleachdadh an drochaid-rèile mar geàrr-shlighe eadar na stèiseanan aig Cùl Ràthain agus Inbhir Sin, Chan eil na stèiseanan sin ach 1.5 cileameatair (1 mìle) bho chèile, an t-astar as giorra eadar dà stèisean air lìonra rèile Bhreatainn, agus tha an t-slighe rathaid còrr is 8 cileameatair (5 mìle).

Canar Drochaid-rèile Sin no Oiceall ri Drochaid-rèile Inbhir Sin cuideachd. Tha i a' giùlan an Loidhne a Tuath thar Caolas Chataibh. Chaidh an drochaid-rèile a dhealbhachadh ann an 1863 le Iòsaph Mitchell agus Murchadh MacPhàdraig, agus a rèir coltais 's i an drochaid le earrann bogsa singilte as fhaide san Roinn Eòrpa.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid-coise air Drochaid-rèile Inbhir Sin

CATAIBH: Craoich

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; drochaidean-rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line