Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Post-soidhne aig Baile an Òir
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080633
ÀITE
Cill Donnain
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
DEIT
Faoilleach 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19887
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
Signpost at Baile an Or (the place of gold), 2001

Ann an 1868 bha an sgìre mun cuairt air Cill Donnain na làrach airson lorg òir. Tha Baile an Òir air bruaich Allt Chill Donnain, agus tha an obair talmhainn anns an dealbh camara seo a chaidh a thogail san Fhaoilleach 2001, nan teisteanas air an tòir-òir mhì-choltach seo.

Thòisich seo ann an 1818 nuair a chaidh cnap òir mu chuideam deich cuideam sgillinn a lorg ann an abhainn Bhun Ilidh. Dhùisg seo ùidh gu nàiseanta, agus cha b' fhada gus an robh an lorg seo na cheann-naidheachd aig pàipearan-naidheachd ionadail na h-Alba. B' ann ann an 1868 a rinn Alba cinnteach à àite ann an leabhraichean eachdraidh nuair a chaidh tuilleadh cnapan òir a lorg ann an abhainn Bhun Ilidh aig Cill Donnain le fear a bhuinneadh don àite Raibeart MacGilleChrìosd, a bha air 17 bliadhna a chur seachad ann an raointean òir Astràilia. Fhuair e cead bho Dhiùc Chataibh panadh airson òr ann am morghan abhainn Bhun Ilidh agus goirid an dèidh sin sgaoil an naidheachd gu Lunnainn agus taobh a-staigh shia mìosan rinn 600 neach an slighe gu Cill Donnain. Nochd sreath de dh'àiteachan còmhnaidh sealach air bruaichean na h-aibhne a' dèanamh an-àirde baile Baile an Òir.

Chrìon na h-àireamhan gu mu 200 lorgaire diongmhalta an dèidh dha Diùc Chataibh £1 sa mhìos iarraidh orra airson cead òr a lorg, agus dleasadh 10 sa cheud air an òr (air a thaisbeanadh) a dheigheadh a lorg. Aiir sgàth prìs an òir a' tuiteam agus na h-ìrean a bhathas a' lorg a' crìonadh agus obair eile ri fhaotainn le iasgach an sgadain dìreach gus tòiseachadh san Lùnastal, thuit an àireamh gu nas fhaisge aire 50 ron fhoghar.

Nochd na trioblaidean air sgàth aimhreit eadar ùidh nan lorgairean a bha ag iarraidh cead an earrann a bhathas a' cleachdadh airson prothaid a leudachadh agus an fheadhainn a bha an sàs ann an sealg, iasgach agus ionaltradh chaorach ann an Srath Cill Donnain. Nuair a fhuair Diùc Chataibh a-mach gun robh e a' call barrachd teachd-a-steach bho na daoine eile sin a bha a' cleachdadh fhearainn na bha e a' faighinn bho na lorgairean, chur e fios gun sguireadh lorg òir air fad bho 1 Am Faoilleach 1870. Bha toir-òir Chill Donnain air crìochnachadh. Faodaidh lorgairean an latha an-diugh panadh san allt airson mheatailtean luachmhor.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Post-soidhne aig Baile an Òir

CATAIBH: Cill Donnain

2000an

rèile; rathaidean-iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line