Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid-rèile Chùil Lodair, 1998
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050026
ÀITE
Cùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
Ògmhios 1998
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19895
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
drochaidean-rèile
Culloden Viaduct, 1998

Chaidh an dealbh-camara seo de Dhrochaid-rèile Chùil Lodair le 28 bogha, a th' air a togail de chlach dhearg, a thogail san Ògmhios 1998.

Dh'fhosgail Drochaid-rèile Chùil Lodair dhan trafaig air 1 An t-Samhain 1898. Chaidh a togail eadar 1893 agus 1898 le Sir Iain Fowler agus Muchadh MacPhàdraig. Aig 550 meatairean (1800 tr) 's i an drochaid-rèile cloiche as fhaide ann an Alba agus tha 28 rèis innte uile le rèis 15 meatairean (50 tr) a leud ach an rèis a tha a' dol thairis air an abhainn a tha 30 meatair (100 tr) a leud. Tha i a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd (agus cam-rathad) tha Abhainn Narann, a tha na crìoch eadar earrannan de sgìre Chrothaidh agus Dhail Chroise ann an Sgìre Inbhir Nis (Siorrachd Inbhir Nis) agus Sgìre Inbhir Narann (Inbhir Narann, gu tuath agus gu deas fa leth. A' tighinn thuice air Bruaichean fìor mhòr air an taobh tuath agus an taobh deas agus tha e a' toirt briseadh goirid anns an dìreadh gun stad aig an rèile a' dol gu deas à Inbhir Nis. Canar Drochaid-rèile Inbhir Narann no Chlàbha rithe cuideachd.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh didseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh-camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìonra Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid-rèile Chùil Lodair, 1998

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; drochaidean-rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line