- TIOTAL
- A' dol thairis air Drochaid-rèile an t-Sluic, 2002
- EXTERNAL ID
- NRM_NBNW_HML_DS050035
- ÀITE
- An Sloc
- SGÌRE
- Bàideanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
- DEIT
- 1 Am Màrt 2002
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Lynn Patrick
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
- AITHNEACHADH MAOINE
- 19897
- KEYWORDS
- rèile
rathaidean-iarainn
trèanaichean
Trèana ScotRail Clas 158 728 a' dol tarsainn air Drochaid-rèile an t-Sluic, a tha a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd thar Allt an Annaich, sa Mhàrt 2002.
Fiosrachadh
O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh didseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.
Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.
Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh-camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:
Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìonra Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd