Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Dhùn Chaillinn agus Bhiornam, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050036
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
DEIT
Dùbhlachd 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19898
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
stèiseanan rèile
trèanaichean
Dunkeld and Birnam Station, 2002

Trèana seirbheis ScotRail a' dol tro stèisean Dhùn Chaillinn agus Bhiornam san Dùbhlachd 2002.

Dh'fhosgail stèisean Dhùn Chailleann air 7 An Giblean 1856 mar cheann-uidhe air Rèile Pheairt & Dhùn Chailleann. Chaidh a dhealbhachadh le Anndra Heiton, ailtire ann am Peairt, agus bha e air obrachadh le Rèile Snaim Meadhan-thìre Alba. Chaidh seo a thoirt a-steach do Rèile Snaim Inbhir Nis & Pheairt sa Ghearran 1864 agus chaidh an loidhne a chumail a' dol gu Farrais. Stad trafaig bathar aig an stèisean san Lùnastal 1969.

Tha dà àrd-chabhsair agus lùb seachnaidh ann agus tha togalach an stèisein fhathast na sheasamh, ach chaidh am mullach fiodha a thoirt air falbh o chionn iomadh bliadhna. Thathas fhathast a' cleachdadh an drochaid-coise agus tha seann lampa ri taobh na drochaid seo le ainm a' chompanaidh thùsail oirre. B' e seo an stèisean mu dheireadh ann an Alba a bha air a shoillseachadh le gas. Tha am bogsa chomharran a deas fhathast ann, agus air taobh a-muigh a' bhogsa chomharran tha comharra tùsail Rèile na Gàidhealtachd le 'finial' - an aon fhear a tha air fhàgail air an loidhne.

Canar Dùn Chailleann ris a' bogsa, ach tha ainm an stèisein air atharrachadh grunnan thurais thar nam bliadhnachan. B' e Biornam a bh' air gu 1 An Dùbhlachd 1861. Air 1 Am Faoilleach 1903 chaidh ath-ainmeachadh Dùn Chailleann agus Biornam. Thill e gu Dùn Chailleann anns na 1970an agus an-diugh 's e Dùn Chailleann agus Biornam a th' air.

'S e dà bhaile a tha mu choinneimh a chèile le Abhainn Tàtha eatarra a tha ann an Dùn Chailleann agus Biornam. Tha Biornam air a' bhruaich a deas agus Dùn Chailleann air a' bhruaich a tuath. Tha an stèisean nas fhaisge air Biornam.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh didseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh buaidh rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh-camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìonra Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Dhùn Chaillinn agus Bhiornam, 2002

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

2000an

rèile; rathaidean-iarainn; stèiseanan rèile; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line