Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain Hughes, fear an taighe Taigh-seinnse an t-Struthain, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050390
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
An Lùnastal 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19912
KEYWORDS
taighean-seinnse
taighean-òsta
John Hughes, landlord of the Struan Inn, 2002

Dealbh-camara de Iain Hughes, fear an taighe, anns a' bhàr ann an Taigh-seinnse An t-Sruthain,a chaidh a thogail san Lùnastal 2002. Chaidh an taigh-seinnse a thogail a dh'aona ghnothaich airson àite-còmhnaidh a thoirt dhan phoball a bha a' siubhal a' cleachdadh prìomh loidhne na Gàidhealtachd. Bha e a' toirt seirbbheis dha stèisean An t-Sruthain agus b' ann do bhuidhnean seilg a bha a' tighinn air an trèana, a' fuireach an oidhche agus an uair sin a' siubhal gu diofar cheànaidhean de dh'oighreachd Athaill, bu mhotha a bha e a' frithealadh. 'S ann le Iain Hughes a tha an taigh-seinnse air a bhith bho na 1990an. An-diugh, an àite aoighean a bhith a' tighinn air an trèan, tha iad a' gleidheadh àite-còmhnaidh air an eadar-lìon agus a' tighinn ann an càr. Tha an stèisean san t-Suthan dùinte.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh na buaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain Hughes, fear an taighe Taigh-seinnse an t-Struthain, 2002

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

taighean-seinnse; taighean-òsta

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line