Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Taigh-òsta an Stèisein, Peairt, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050403
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
DEIT
Dàmhair 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19925
KEYWORDS
taighean-òsta
Staff of Perth Station Hotel, 2002

Chaidh Taigh-òsta Stèisean Pheairt a dhealbhachadh le Anndra Heiton agus dh'fhosgail e airson gnothachas anns an Lùnastal 1890 mar an taigh-òsta airson stèisean Pheairt. Tha an taigh-òsta a' toirt àite còmhnaidh mar phàirt de bhuidheann Taighean-òsta Quality. Chaidh an dealbh-camara seo de Monica Docherty, manaidsear coitcheann, a thogail san Dàmhair 2002 ann an taigh-bìdh an taigh-òsta còmhla ri buill sgioba, Karen Nic an Tàilleir, manaidsear reic, Elsie Roberts, manaidsear luchd-obrach, còmhla ri prìomh chòcaire, Gary Carle agus còcaire 'sous', Aoghas MacLeòid.

Air 1 Am Faoilleach 1948 ghabh Coimisean Còmhdhail Bhreatainn thairis grunnan dhusan taigh-òsta bho na companaidhean rèile prìobhaideach agus dh'ath-ainmich iad iad mar Thaighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn( BTH). Ghabh iad thairis cuideachd earrann bìdhe air rèile: seòmraichean ùrachaidh sna stèiseanan agus seirbheis taigh-bìdh/buffet air trèanaichean. Ged a bha mòran de thaighean-òsta an rèile ri taobh prìomh stèiseanan, bha feadhainn eile mar Gleann na h-Eagalise agus Moretonhampstead nan cinn-uidhe air an leth, pàirt de ro-innleachd chompanaidh an rèile gus iarrtas air an seirbheis a chruthachadh.

Bha Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn (BTH) ag obrachadh bho 1953 gu 1983 nuair a ràinig an riaghaltas Tòraidheach nan 1980an an co-dhùnadh na gnothachasan aig Rèile Bhreatainn nach robh aig cridhe a' chompanaidh a chur dhan roinn phrìobhaideach (einnseanaireachd; taighean-òsta, togalaichean agus giùlain). Chaidh Taighean-òsta Còmhdhail Bhreatainn a reic mean air mhean eadar 1981 agus 1983. An-diugh tha na taighean-òsta fhathast ag obrachadh fo dhiofar luchd-seilbhe.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) san taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun na làraich-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh na buaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Taigh-òsta an Stèisein, Peairt, 2002

PEAIRT

2000an

taighean-òsta

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line