Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbheis a' dol tarsainn air an drochaidh aig Cail Mhinn, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050418
ÀITE
Cail Mhinn
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
Iuchar 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19940
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
trèanaichean
A service train crossing the bridge at Calvine, 2002

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Iuchair 2002 de thrèana ScotRail Clas 170 a' dol tarsainn air an drochaid àird a tha a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd thar am B8079 faisg air Cail Mhinn.

B' e slighe an A9 roimhe eadar Cail Mhinn agus Coille Chnagaidh a th' anns am B8079. Chaidh an A9 ath-leasachadh anns na 1970an, 80an agus tràth sna 90an, ach tha e an ìre mhath a' leantainn an aon slighe ach far a bheil e a' dol mu iomall nam bailtean. An-diugh 's e rathad sàmhach a th' anns an t-seann A9 a tha air a chleachdadh le trafaig ionadail. Tha e cuideachd a' dèanamh an-àirde pàirt den t-slighe aontaichte gu tuath airson pròiseact brat-long nan Sustran, an Lìonra Rothaireachd Nàiseanta. Chun an seo tha am pròiseact air 16,000km (9,900 mìle) de shlighean rothair le soidhnichean a chruthachadh air feadh na RA; tha mu 70 sa cheud den lìonra air rathaidean a bh' ann mu thràth, a' chuid as motha dhiubh nan rathaidean sàmhach.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbheis a' dol tarsainn air an drochaidh aig Cail Mhinn, 2002

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

rèile; rathaidean iarainn; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line