Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach a bha aig an reile roimhe aig stèisean An Aghaidh Mhòir, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050437
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
An Lùnastal 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19959
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
Former Railway Staff at Aviemore Station, 2002

Chan e a-mhàin gun do dh'ath-dhealbhaich Aithisg Beeching lìonra rèile na RA, ach rinn e ath-chumadh cuideachd air dreuchdan nam fear agus nam mnathan a bha air am fastadh leis an rèile. San dealbh-chamara seo a chaidh a thogail aig stèisean An Aghaidh Mhòir san Lùnastal 2002, tha triùir de luchd-obrach an rèile a leig dhiubh an dreuchd. Thòisich iad nan dreuchdan san Aghaidh Mhòr 20 bliadhna mus deach Aithisg Beeching fhoillseachadh, agus an dèidh sin dh'atharraich e cùrsa an dreuchdan. Thòisich Mgr Wilkie na dhreuchd ann an 1940 agus leig e dheth a dhreuchd ann an 1986 an dèidh pasaigeadh na dhràibhear ann an 1958. Dh'fhuirich e aig an rèile an dèidh dhan dithis eile an rèile fhàgail. Thòisich Mgr Irvine, a bha na dhràibhear cuideachd, ann an 1942 agus dh'fhàg e ann an 1968. Thòisich Mgr MacIlleGhlais na dhreuchd ann an 1940, a' ruighinn rang smàladair, agus ghabh e an 'Golden Handshake' 20 bliadhna an dèidh sin ann an 1960.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach a bha aig an reile roimhe aig stèisean An Aghaidh Mhòir, 2002

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line