Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Daibhidh MacAnndrais, neach-chomharran furtachd aig Dùn Chailleann, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050439
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
DEIT
An Dàmhair 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19961
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
bogsaichean chomharran
David Anderson, a relief signaller at Dunkeld, 2002

San dealbh-chamara seo a chaidh a thogail san Dàmhair 2002, tha Daibhidh MacAnndrais, neach-chomharran ionaid RailTrack, na sheasamh sa bhogsa chomharran ann an Dùn Chailleann. Thòisich e na dhreuchd aig an rèile ann an 1998. Tha a sgìre ionaid, suidhichte ann am Peairt, a' còmhdach radius 80km (50 mìle). Tha am bogsa ann an Dùn Chailleann fhathast air a theasachadh le gual, agus ao-coltach ri mòran de na bogsaichean air prìomh loidhne na Gàidhealtachd, tha e fhathast a' feitheamh ri nuadhachadh agus tha mòran de na feartam tùsail fhathast ann.

Tha am bogsa chomharran a' cumail smachd air an trafaig a' tighinn gu agus a' dol tro stèisean Dhùn Chailleann. Air taobh a-muigh a' bhogsa, tha comharra tùsail Rèile na Gàidhealtachd le 'finial'. Canar Dùn Chailleann ris a' bogsa, ach tha ainm an stèisein air atharrachadh grunnan thurais thar nam bliadhnachan. B' e Biornam a bh' air gu 1 An Dùbhlachd 1861. Air 1 Am Faoilleach 1903 chaidh ath-ainmeachadh Dùn Chailleann agus Biornam. Thill e gu Dùn Chailleann anns na 1970an agus an-diugh 's e Dùn Chailleann agus Biornam a th' air.

Tha dà àrd-chabhsair anns an stèisean agus tha an togalach fhathast na sheasamh, ach chaidh am mullach fiodha a thoirt air falbh o chionn iomadh bliadhna. Thathas fhathast a' cleachdadh an drochaid-coise agus tha seann lampa ri taobh na drochaid seo le ainm a' chompanaidh thùsail oirre. B' e seo an stèisean mu dheireadh ann an Alba a bha air a shoillseachadh le gas.

Dh'fhosgail stèisean Dhùn Chailleann air 7 An Giblean 1856 mar cheann-uidhe air Rèile Pheairt & Dhùn Chailleann. Chaidh a dhealbhachadh le Anndra Heiton, ailtire ann am Peairt. Nuair a chaidh fhosgladh bha e air obrachadh le Rèile Snaim Meadhan-thìre Alba. Chaidh seo a thoirt a-steach do Rèile Snaim Inbhir Nis & Pheairt sa Ghearran 1864 agus chaidh an loidhne a chumail a' dol gu Farrais. Stad trafaig bathair aig an stèisean san Lùnastal 1969.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Daibhidh MacAnndrais, neach-chomharran furtachd aig Dùn Chailleann, 2002

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

2000an

rèile; rathaidean iarainn; bogsaichean chomharran

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line