Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid-rèile Inbhir Èireann, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050443
ÀITE
Inbhir Èireann
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
1 Màrt 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19965
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
drochaidean rèile
The Findhorn Viaduct, 2002

San dealbh-chamara a chaidh a thogail sa Mhàrt 2002 tha drochaid-rèile Inbhir Èireann a th a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd 49 meatairean (160 troigh) os cionn gleann Uisge Èireann. Chaidh a togail eadar 1894 agus 1897, agus tha an drochaid-rèile dhrùidhteach seo le camadh a' ruith airson 445 slat (407 meatairean) eadar rèisean cloiche aig àirde 45 meatairean (146 troigh) os cionn na talmhainn. Air a' mhullach tha structar cliath stàilinn agus tha ochd cidheachan barrchaol cloiche a' toirt taic dhi agus tha an àirde ag ìsleachadh mar a tha iad a' coinneachadh taobhan a' ghlinne a tha ag èirigh suas. Tha an dà chidhe a tha air gach taobh den abhainn nan seasamh air buinn cloiche fhad 's a tha an fheadhainn eile a' dol dìreach dhan talamh. Chaidh a dhealbhadh agus a thogail le Sir Iain Fowler agus Murchadh MacPhàdraig gus Loidhne Dhìreach An Aghaidh Mhòr-Drochaid Chàrr-Inbhir Nis a thog Companaidh Rèile na Gàidhealtachd a ghiùlan. Tha i air a ceangal le bruaich ri Drochaid-rèile Thom Aitinn. Chaidh an dà dhrochaid-rèile sin agus a' bhruaich eatarra a dhealbhadh agus a thogail aig an aon àm.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid-rèile Inbhir Èireann, 2002

MOIREIBH

2000an

rèile; rathaidean iarainn; drochaidean rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line