Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbheis a' dol tarsainn drochaid-rèile Allt na Slànach, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050447
ÀITE
Allt na Slànaich
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
DEIT
Ògmhios 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19969
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
trèanaichean
drochaidean-rèile
A service train crossing the Aultnaslanach viaduct, 2002

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Ògmhios 2002 de thrèana seirbheis ScotRail Clas 170 (Turbostar) a' dol tarsainn drochaoid-rèile Allt na Slanach tuath air Mòigh, a chithear an seo a' dol tro phrògram ath-nuadhachaidh £2.6 millean le Arup Scotland an dèidh dha lobhadh a bhith air a lorg ann an cuid den fhiodh. Chaidh structar concrait a chur an sàs gus luchd an rèile a ghabhail 's mar sin a' dìon na drochaid-rèile thùsail.

'S e seo an aon dhrochaid-rèile fhiodha air lìonra rèile na RA agus canar drochaid-rèile Allt na Slanach no Allt na Slanaich rithe cuideachd. Tha i suidhichte 1 km an iar agus an iar-dheas air Talla Mhòigh agus 13 km an ear-dheas air Inbhir Nis. Tha i a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd thar Allt na Slanaich, leas-abhainn de dh'Allt Mhòigh. Chaidh a crìochnachadh ann an 1897 agus chaidh a dealbhadh agus a togail le Murchadh MacPhàdraig, Prìomh Einnseanair aig Rèile na Gàidhealtachd. Tha i air a dèanamh an-àirde de chòig rèisean, gach tè 7 meatairean (23 troigh) agus chaidh fiodh a thaghadh gus cuideam an t-structair a chumail sìos oir tha e a' dol tarsainn talamh boglaich. Fhuair an drochaid-rèile air sgàth a nàdar sònraichte liostadh Inbhe A ann an 1976.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbheis a' dol tarsainn drochaid-rèile Allt na Slànach, 2002

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; trèanaichean; drochaidean-rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line