Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbheis a' dol thairis air Drochaid-rèile Choille Chnagaidh, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050450
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
Gearran 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19972
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
trèanaichean
drochaidean-rèile
A service train crossing the Killiecrankie Viaduct, 2002

Dealbh-camara a chaidh a thogail sa Ghearran 2002 de thrèana seirbheis ScotRail Clas 158 a' dol thairis air drochaid-rèile Choille Chnagaidh a tha na cùl-ionaid airson 'Leum an t-Saighdeir'.

Tha an drochaid-rèile a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd thar taobh an ear Bealach Choille Chnagaidh gu deas air baile Choille Chnagaidh agus fon ionad turasachd airson a' Bhealaich; tha i cuideachd a' dol thar allt gun ainm agus tha i na cùl-ionaid airson 'Leum an t-Saighdeir'. An seo tha Abhainn Garaidh a' cruthachadh na crìche eadar paraistean Maoilinn chun an ear agus Blàr Athaill chun an iar. Tha fad an drochaid-rèile gu lèir ann am Maoilinn. Chaidh an drochaid-rèile a thogail ann an 1863 le Iòsaph Mitchell dha Snaim Rèile Inbhir Nis & Pheairt, mar a bh' ann, a thàinig gu bhith na Chompanaidh Rèile na Gàidhealtachd ann an 1865. Air a thogail ann an stoidhle Baranach aig prìs £5,700.00, 's e structair deich earrannan le boghannan a th' ann le cearcaill nam bogha de chlach sgeadaichte agus na 'spandrels' de sprùilleach. Tha dìonan barrabhallach aig gach ceann agus sa mheadhan tha uchd-bhalla barrabhallach. Tha fad 155 meatairean (510 troigh), 16 meatairean (54 troigh) de dh'àirde aig an ìire as àirde agus tha rèis 11 meatairean (35 troigh) anns gach bogha san drochaid-rèile, agus tha i a' dol dìreach a-steach do thunail. Fhuair an structair Liostadh Inbhe-B air sgàth cho cudromach 's a bha e a thaobh ailtireachd ann an 1971 agus tha e fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba.

Ann an 1998 chaidh an drochaid-rèile a chàradh agus a neartachadh gus am faodadh trèanaichean air an loidhne siubhal aig astar 201 km san uair (125 mìle san uair). Bha na leasachaidhean sin mar phàirt de phrògram fìor mhòr a bha a' gabhail a-steach prìomh loidhne Inbhir Nis air fad à Peairt.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbheis a' dol thairis air Drochaid-rèile Choille Chnagaidh, 2002

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

rèile; rathaidean iarainn; trèanaichean; drochaidean-rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line