Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Broinn an t-seada einnsein a bh' ann roimhe ann am Blàr Athaill, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050456
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
An t-Samhain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19978
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
Interior view of the former engine shed at Blair Atholl, 2002

Dealbh-camara de bhroinn an t-seada einnsein a bh' ann roimhe ann am Blàr Athaill, a chaidh a thogail san t-Samhain 2002.

Cheannaich Iain Burns, tuathanach, an seada bhon rèile ann an 1968 agus bha e ga chleachdadh airson buntàta sìl a stòradh. Nuair a bha e ag obair mar mharsanta guail agus àiteachais, bha e a' cleachdadh an rèile gus bathar a ghiùlan agus fhaighinn. An-diugh tha an seada air a chleachdadh mar stòr choitcheann airson an tuathanais.

Chaidh an stèisean tùsail air an robh Blàr Athaill Àrd fhosgladh ann an 1863 le Rèile Snaim Inbhir Nis & Baile Choichrigh. Chaidh ath-mhodaileadh an dèidh sin le seòmar-feitheimh dha Diùc Athaill agus chaidh ath-ainmeachadh ann an 1893 mar Blàr Athaill. B' e stèisean cudromach a bh' ann aig aon àm le gàrradh bathair, agus seada einnsein, agus chan eil an dà chuid air an cleachdadh an-diugh agus tha iad fo shealbh prìobhaideach. Tha a' phrìomh stèisean fhathast na sheasamh ged a tha pàirt dheth air a chall. Tha an togalach air an t-slighe gu tuath fhathast na sheasamh còmhla ris an drochaid-coise agus am bogsa chomharran a deas. Tha dà àrd-chabhsair ann agus tha e a' comharrachadh ceann a deas earrann de loidhne dhùbailte air prìomh loidhne na Gàidhealtachd Gu deas tha an loidhne singilte agus gu tuath dùbailte fad an t-slighe gu Dàil Chuinnidh. Tha an stèisean fhathast a' toirt seirbheis dhan chaisteal agus baile Bhlàr Athaill.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Broinn an t-seada einnsein a bh' ann roimhe ann am Blàr Athaill, 2002

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line