Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buill de bhuidheann 'Pitlochry in Bloom', 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050460
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
DEIT
An Dàmhair 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19982
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
gàrraidhean
gàirnealaireachd
fèillean fhlùraichean
Members of the 'Pitlochry in Bloom' group, 2002

Chaidh am buidheann 'Pitlochry in Bloom' a stèidheachadh ann an 1993 fo sgàilean iomairt 'Take Pride in Perthshire' a chaidh a thòiseachadh gus coimhearsnachdan ionadail a bhrosnachadh gus uallach a ghabhail airson na h-àrainneachd ionadail. Tha e air a ruith le comataidh saor-toileach de cheithir ball deug agus 's e am prìomh uallach a bhith a' leasachadh agus a' toirt feabhas air àrainneachd a' bhaile. Chomharraich am buidheann dà làrach mun cuairt air an stèisean ann am Baile Choichrigh. B' e aon dhiubbh sin gàrradh an stèiseain suidhichte chun an iar-dheas de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd. Chaidh an dealbh-camara seo de bhuill 'Pitlochry in Bloom' a thogail san Dàmhair 2002 nan seasamh anns an earrann a bha deiseil. Thàinig maoineachadh airson an sgeama leasachaidh bho thabhartasan an AE, Railtrack, gnothachasan ionadail agus a' chomhairle ionadail. Aig an àm b' e aon de na tabhartasan maoineachaidh bu mhotha a chaidh a dhèanamh do sgeama den t-seòrsa seo san RA.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buill de bhuidheann 'Pitlochry in Bloom', 2002

PEAIRT: Maoilinn

2000an

rèile; rathaidean iarainn; gàrraidhean; gàirnealaireachd; fèillean fhlùraichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line