Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Calum agus Mairead MacÌomhair ann an Coille Chnagaidh, 2001
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050462
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
An t-Iuchar 2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19983
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
The McIvers at Killiecrankie, 2001

Dealbh-camara a chaidh a thogail san Iuchar 2001 de Chalum agus Mairead MacÌomhair nan seasamh air taobh a-muigh an dachaigh ann an Taigh Mhaighstir an Stèisein mar a bh' ann roimhe ann an Coille Chnagaidh. Cheannaich iad an taigh dìireach bhon rèile tràth anns na 1960an nuair a bha BR a' reic togalaichean an rèile. Tha sealladh aig an taigh de Leum an t-Saighdeir air Abhainn Garadh agus Drochaid-rèile Choille Chnagaidh a tha a' giùlan prìomh loidhne na Gàidhealtachd. Chithear seirbheis an 'Highland Chieftain' air obrachadh le Great North Eastern Railway (GNER), a' dol tarsainn an drochaid-rèile. Tha an t-seirbheis a' fàgail Crois an Rìgh ann an Lunnainn/Inbhir Nis agus tha i a' siubhal gu Inbhir Nis/Crois an Rìgh ann an Lunnainn. Tha an t-slighe air aon den fheadhainn as fhaide ann am Breatainn aig 935 km (581 mìle) agus tha an trèana a' toirt beagan agus ochd uairean a thìde air an turas. An -diugh, tha an t-seirbheis seo air a ruith le National Expreass East Coast an dèidh dha ceadachd margaideachaidh GNER gluasad thuca air 9 An Dùbhlach 2007.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Calum agus Mairead MacÌomhair ann an Coille Chnagaidh, 2001

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line