Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Steafan Marley, neach-chomharran aig Snaim Stanlaidh, 2003
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050469
ÀITE
Stanlaidh
SGÌRE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
DEIT
Am Màrt 2003
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19990
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
bogsaichean chomharran
Steve Marley, signaller at Stanley Junction, 2003

Chaidh an dealbh-camara seo de neach-chomharran Steafan Marley a thogail sa Mhàrt 2003 a' dèanamh a dhleastanais sa bhogsa chomharran aig Snaim Stanlaidh. Bha Steafan na neach-obrach aodaich ann an Siorrachd Lannraig roimhe seo. Thàinig e chun an rèile aig deireadh nan 1990an agus is e an neach-chomharran còmhnaidh aig Snaim Stanlaidh.

Tha Snaim Stanlaidh dìreach tuath air Peairt air an loidhne a b' àbhaist a bhith na prìomh loidhne aig Rèile Chaledonia taobh Fharfair agus Obar Dheathain. B' e snaim cudromach a bh' ann, oir b' ann an seo a thòisich prìomh loidhne na Gàidhealtachd gu Inbhir Nis. Ann an 1967 dhùin a' phrìomh loidhne gu Farfar mar slighe troimhe, agus chaidh a' cumail mar loidhne airson luchd a-mhàin gu Farfair le bogsa tarsainn eadar-mheadhanach aig Cùbar Aonghais. Ann an 1982 dhùin an loidhne uile gu lèir agus chaill am bogsa inbhe snaim. Tha e an-diugh na sheasamh aig deireadh an earran loidhne dhùbailte à Peairt agus aig toiseach na loidhne shingilte thar prìomh loidhne na Gàidhealtachd.

Chaidh bogsa chomharran Snaim Stanlaidh a thogail ann an 1961 le frèam Stevens 45-luamhan gus smachd a chumail air cruth na loidhne, còmhla ri pannal suidse gus smachd a chumail air àiteachan eadar-mheadhanach eadar sin agus am bogsa cumhachd ann am Peairt, a dh'fhosgail aig an aon àm.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Steafan Marley, neach-chomharran aig Snaim Stanlaidh, 2003

PEAIRT

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile; bogsaichean chomharran

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line