Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Constabal Poilis Marc Laurie aig Stèisean Inbhir Nis, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050471
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
16 An Dùbhlachd 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19992
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
oifigearan poilis
Police Constable Mark Laurie at Inverness Station, 2002

Chaidh an dealbh-camara seo de Chonstabal Poilis 3633 Marc Laurie de Phoilis Còmhdhail Bhreatainn (BTP) a thogail aig stèisean Inbhir Nis air 16 An Dùbhlachd 2002. Tha am 'beat' aige air prìomh loidhne na Gàidhealtachd a' gabhail a-steach Inbhir Nis gu Dail Chuinnidh, far a bheil a cho-obrichean a' gabhail thairis obair poilis air an loidhne gu Peairt.

Faodar a' chiad luchd-obrach rèile air an deach iomradh mar 'phoilis' a thoirt a lorg air 30 An t-Ògmhios 1826. Chaidh am BTP nuadh-aimsireil a chruthachadh le Achd Coimisean Còmhdhail Bhreatainn 1949 a thug còmhla na feachdan a fhuair Rèile Bhreatainn bhon lìonra mus deach a chur an seilbh na stàite. 'S e seirbheis poilis speisealta nàiseanta a th' ann airson lìonra rèile Bhreatainn agus tha e a' dèiligeadh ri eucoirean mòra agus beaga, mì-rian agus tachartasan. Tha e cuideachd a' gabhail a-steach rèile fo thalamh Lunnainn, rèile fo thalamh Ghlaschu, Midland Metro agus siostaman Tramlink Chroydon.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Constabal Poilis Marc Laurie aig Stèisean Inbhir Nis, 2002

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile; oifigearan poilis

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line