Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas MacIlleGhlais às an Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050473
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
Samhain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19994
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
taighean
Jim Gray of Aviemore, 2002

Chaidh an dealbh-camara seo de Sheumas MacIlleGhlais a thogail san t-Samhain 2002 na sheasamh air taobh a-muigh a dhachaigh san Aghaidh Mhòr. Tha an taigh tùsail a' dol air ais gu 1927 agus chaidh a thogail de thrasnain rèile le athair Sheumais. Ann an 1948, leudaich Seumas an togalach an dèidh dha athair bàsachadh. Bha e na chleachdadh cumanta san sgìre a bhith a' togail thaighean agus sheadaichean a' cleachdadh thrasnain agus tha mòran dhiubh fhathast nan seasamh ri taobh prìomh loidhne na Gàidhealtachd. Tha iad fhathast nan stàid nàdarrach no tha tha iad mar a chanar le 'rough cast'.

Tha Seumas, mar iomadh neach-rèile, a' tighinn à teaghlach rèile. Bha athair ag obair dhan rèile cuideachd. Thòisich Seumas na dhreuchd san Aghaidh Mhòr ann an 1940 far an do ràinig e rang smàladair. Anns na 1960, mar thoradh air Gearraidhean Dr Beeching, ghabh e 'golden handshake' agus chaidh e a dh'obair amnn am Baile an Aghaidh Mhòir mar neach cumail suas innealan gheamannan mus do ghluais e gu companaidh einnseanaireachd, cuideachd suidhichte san Aghaidh Mhòr, mar neach-obrachaidh inneil. Chaidh a phàigheadh dheth nuair a dhùin an companaidh agus tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas MacIlleGhlais às an Aghaidh Mhòr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; taighean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line