Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach a bha ag obair dhan rèile roimhe, Uilleam MacDhonnchaidh & Bert Caimbeul, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050474
DEIT
19 An t-Sultain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19995
KEYWORDS
rèile, rathaidean iarainn
Former railway staff Willie Duncan & Bert Campbell, 2002

Dealbh-camara a chaidh a thogail air 19 An-Sultain 2002 ann an Inbhir Nis de Mgr Uilleam MacDonnchaidh nach maireann, agus Mgr Bert Caimbeul nach maireann, a b' àbhaist le chèile a bhith ag obair dhan rèile a thòisich an dreuchdan aig Rèile Lunnainn Meadhan-thìre agus Alba (LMS).

Thòisich Mgr MacDhonnchaidh na dhreuchd ann an 1932 nuair a chaidh e dhan bhuidheann slighe buan ann an Inbhir Nis, a' leigeil dheth a dhreuchd ann an 1975 an dèidh 43 bliadhna aig an rèile. Bha e daonnan ag obair air cumail suas na loidhne, ach airson ùine ghoirid mar gheàrd air trèana ballaiste ag obair a-mach à Inbhir Nis, agus bha dreuchdan aige mar ghangair (stèidhichte san Aghaidh Mhòr agus Inbhir Pheofharain), neach-stiùiridh (stèidhichte ann an Cinn a' Giuthsaich) neach-sgrùdaidh (stèidhichte aig Prìomh-oifis Sgìreil Inbhir Nis), agus neachd-stiùiridh (Prìomh-oifis Sgìreil Inbhir Nis, Loidhnichean na Gàidhealtachd agus Sgìre Pheairt). Chuimhnich e rè ùine aig an rèile a' coiseachd na mìltean de na loidhnichean, nach deach paidhir bhròg a thoirt dha!

Thàinig Mgr Caimbeul bho theaghlach rèile agus thòisich e na dhreuchd aig an rèile ann an Coit a' Ghartain ann an 1927 mar chlàrc òg. Bha e na Mhaighstir an Stèisein aig Ach na Sìne (Loidhne Chaol Loch Aillse), Baile Ùr an t-Slèibh agus An Aghaidh Mhòr (prìomh loidhne na Gàidhealtachd) 1960-1965, an dàrna ball de theaghlach a rinn seo, mus robh e na phrìomh neach-sgrùdaidh trafaig ann an Inbhir Nis. Leig e dheth a dhreuchd ann an Inbhir Nis mar neach-cuideachaidh do mhaidsear na sgìre (obraichean) ann an 1975.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach a bha ag obair dhan rèile roimhe, Uilleam MacDhonnchaidh & Bert Caimbeul, 2002

2000an

rèile, rathaidean iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line