Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach a bha ag obair dhan rèile roimhe, Sandaidh Sutharlanach & Seumas Hay, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050475
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
19 An t-Sultain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19996
KEYWORDS
rèile, rathaidean iarainn
Former railway staff Sandy Sutherland & Jim Hay, 2002

Dealbh-camara de Shandaidh Sutharalanach agus Seumas Hay a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis air 19 An t-Sultain 2002. 'S e luchd-obrach a bha ag obair aig an rèile mus do leig iad dhiubh an dreuchd a th' anns an dithis aca a thòisich nan dreuchdan aig an rèile ann an Inbhir Nis.

B' e an treas ginealach de theaghach a bha ag obair aig an rèile a bh' ann am Mgr Sutharlanach. Thòisich e na dhreuchd ann an Inbhir Nis ann an 1940 mar neach-glanaidh agus cheumnaich e mar dhràibhear 'booked' ann an 1960. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1987 ann an Inbhir Nis an dèidh 47 bliadhna. Airson còrr agus 30 bliadhna bha e na bhall de Sgioba Ciad Cobhair Rèile Inbhir Nis.

Thòisich Seumas 'Straw' Hay cuideachd na dhreuchd ann an Inbhir Nis agus phasaig e mar dhràibhear mus do leig e dheth a dhreuchd anns na 1980an. Tha e a-nis a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach a bha ag obair dhan rèile roimhe, Sandaidh Sutharlanach & Seumas Hay, 2002

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

rèile, rathaidean iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line