Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Neach-obrach a bha aig an rèile roimh, Harry Tormod Alderman, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050477
ÀITE
Dail na Spideil
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
20 Lùnastal 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19998
KEYWORDS
rèile, rathaidean iarainn
Former railway employee, Harry Norman Alderman, 2002

B' e Mgr Harry Tormod Alderman (ris an canar Norrie) nach maireann, an neach-chomharran a bha roimhe ann an Dail na Spideil. Chaidh an dealbh-camara seo dheth a thogail air 20 An Lùnastal 2002 na sheasamh air beulaibh a dhachaigh a thog e fhèin ann an 1950. Tha an taigh air a thogail de thrasnain rèile. Bha e na chleachdadh cumanta san sgìre a bhith a' togail thaighean agus seadaichean a' cleachdadh thrasnain agus tha mòran dhiubh fhathast nan seasamh ri taobh prìomh loidhne na Gàidhealtachd. Tha iad fhathast nan stàid nàdarrach no tha tha iad mar a chanar le 'rough cast'.

Bha Tormod dèidheil air gàirnealaireachd agus bha e a' fàs taibeanadh soilleir de lus nam ban-sìth air cùl an taighe agus begonias san taigh-glainne. Bha Tormod ag obair dhan rèile airson 43 bliadhna a' tòiseachadh aig Dail Radaidh mar neach-gleidhidh àite dhol tarsainn mus do gluais e gu Dail na Spideil mar neach-chomharran. Bha e à Hampshire bho thùs agus b' e saor an ceàrd a bh' aige, agus bha e san Arm mus robh e ag obair aig an rèile. Thàinig a dhreuchd san Arm gu crìch ann an Southhampton aig àm an Dàrna Cogaidh nuair a chaidh an taigh-seinnse san robh e a bhualadh le boma. Chaidh Tormod a spreadhadh a-mach às an togalach agus chaidh a dhroch leòn, agus dh'fhàg e an t-arm mar euslainteach.

Tha stèisean, gàrradh bathair agus bogsa chomharran Dhail na Spideil a-nis dùinte agus tha togalaichean an stèisein iomarcach. Bha drochaid-coise an stèisein air a toirt air falbh mu thràth agus air a h-ath-thogail aig Rèile An Aghaidh Mhòr agus Srath Spè. An-diugh tha togalaichean an stèisein air an dèanamh suas as ùr agus tha iad ann an sealbh prìobhaideachd. Thar an loidhne tha am bogsa chomharran iomarcach fhathast na sheasamh far an robh Tormod, an neach-chomarran mu dheireadh ann an Dail na Spideil, ag obair.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Neach-obrach a bha aig an rèile roimh, Harry Tormod Alderman, 2002

PEAIRT: Blàr Athall

2000an

rèile, rathaidean iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line