Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid-rèile Thuilnein, 2003
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050479
ÀITE
Tuilnean
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
Màrt 2003
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20000
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
drochaidean-rèile
The Dulnain viaduct, 2003

Dh'fhosgail drochaid-rèile Thuilnein thairis air Abhainn Thuilnein san Lùnastal 1862 mar phàirt de dh'obair Loidhne Dhìreach An Aghaidh Mhòir-Drochaid Chàrr- Inbhir Nis a chaidh a thogail le Companaidh Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh an dealbh-camara seo de Freightliner Clas 66 a' dol tarsainn an drochaid-rèile a' tarraing trèana luchd air a slighe gu tuath gu Inbhir Nis, a thogail sa Mhàrt 2003.

Bha Abhainn Thuilnein ainmeil aig aon àm airson a bradain as t-fhoghar agus b' e Gleann Ceatharnaich a bha air gleann Thuilnein.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid-rèile Thuilnein, 2003

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; drochaidean-rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line