Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Dhrochaid Chàrr
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050483
ÀITE
Drochaid Chàrr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20004
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
drochaidean-coise
Carrbridge Station, 2002

Chaidh am pìos mu dheireadh dhen loidhne eadar Inbhir Nis agus Deimhidh a chrìochnachadh air a' 1 dhen t-Samhain 1898, a' fàgail slighe dhìreach eadar Inbhir Nis agus An Aghaidh Mhòr. Dh'fhosgail stèisean Dhrochaids Charra Àrd ann an 1892, sia bliadhna roimhe sin le seirbheis sealch ag obair eadar Drochaid Chàrr agus Snaim An Aghaidh Mhòir. Ann an 1983 chaidh an stèisean ath-ainmeachadh Drochaid Chàrr le Rèile Bhreatainn.

Tha an dà àrd-chabhsair tùsail san stèisean fhathast agus tha lùib seachnaidh ann. B' àbhaist dha gàrradh bathair meadhanach mòr a bhith ann a bha air a chleachdadh le coilltearan Canèidianach rè an Dà Chogadh, le rèile gèidsae caol a' ruith chuin an iar bhon stèisean a bha a' cuideachadh leis an obair logaidh. Tha an dà chuid a-nis dùinte agus chaidh an rèile a thogail. Tha am bogsa chomharran aig a' cheann a deas fhathast ann, ged nach eil e air a chleachdadh, agus chaidh am bogsa chomharran a tuath a ghabhail a-steach do thogalach an stèisein. Tha na togalaichean air an dà àrd-chabhsair fhathast nan seasamh. Tha prìomh thoglach an stèisein air a chleachdadh airson oifisean.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Dhrochaid Chàrr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile; drochaidean-coise

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line