Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana seirbheis na seasamh aig stèisean Bhaile Chloichrigh, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050484
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
DEIT
17 Dùbhlachd 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20005
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
trèanaichean
A service train standing at Pitlochry station, 2002

Chaidh an dealbh-camara seo de thrèana seirbheis ScotRail na seasamh aig stèisean Bhaile Chloichrigh a thogail air 17 An Dùbhlachd 2002. Chaidh an stèisean ath-nuadhachadh tràth ann an 2000 rè prògram ath-nuadhachaidh fìor mhòr Railtrack.

Tha stèisean an rèile a' dol air ais gu 1863 agus an-diugh tha a h-uile trèana seirbheis luchd-siubhail a' stad ann am Baile Chloichridh. 'S e aon den bheagan stèiseanan le luchd-obrach air prìomh loidhne na Gàidhealtachd, agus 's iad Peairt, An Aghaidh Mhòr, Cinn a' Ghiuthsaich agus Inbhir Nis an fheadhainn eile. Tha am baile suidhichte air Abhainn Theimheil agus 's e baile Bhictòrianach a th' anns a' chuid as motha dheth agus shoirbhich e mar bhaile turasachd air sgàth a' Bhanrigh Bhictòria tadhal air an sgìre ann an 1842 agus an rèile a thighinn.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana seirbheis na seasamh aig stèisean Bhaile Chloichrigh, 2002

PEAIRT: Maoilinn

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line