Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' phrìomh talla ann an stèisean Inbhir Nis, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050486
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
19 Màrt 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20006
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
stèiseanan rèile
The main concourse at Inverness station, 2002

Chaidh an dealbh-camara seo den phrìomh thalla ann an stèisean Inbhir Nis a thogail air 19 Am Màrt 2002.

Chaidh an stèisean a dhealbhachadh le einnseanair Rèile na Gàidhealtachd, Iòsaph Mitchell, agus chaidh a thogail ann an 1855 le Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narann nuair a chaidh an loidhne gu Inbhir Narann fhosgladh. Dh'fhosgail e airson seirbheisean dha luchd-siubhail air 7 An t-Samhain 1855 agus trèanaichean luchd air 3 An Dùbhlachd an aon bhliadhna. Chaidh a leudachadh le Murchadh Mac Phàdraig ann an 1876 agus chaidh inntrigeadh nua-aimsireil a chur ri aghaidh ann an 1968. Tha clàran dathach na bhroinn a' cuimhneachadh air togail Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain, agus stiùirichean a' chompanaidh sin. Tha ionad cumail suas trèanaichean, seadaichean einnsein agus frith-loidhnichean luchd suidhichte gu tuath air an stèisean, agus tha Taigh-òsta Rìoghail na Gàidhealtachd (Taigh-òsta an Stèisein roimhe) ri thaobh. Chaidh an taigh-cruinn agus an clàr-tionndaidh a bha dìreach chun an ear a leagail ann an 1963 agus an-diugh 's e làrach mòr-bhùth a th' ann. Bha àite cudromach aig an stèisean ann an leudachadh Inbhir Nis, an dà chuid mar ionad malairteach agus mar cheann-uidhe luchd-turais.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' phrìomh talla ann an stèisean Inbhir Nis, 2002

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

rèile; rathaidean iarainn; stèiseanan rèile

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line