Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' phrìomh staidhre ann an Taigh Rèile na Gàidhealtachd, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050491
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
Samhain 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20011
KEYWORDS
rèile, rathaidean iarainn
The main staircase in Highland Rail House, 2002

Chaidh an dealbh-camara seo den phrìomh staidhre ann an Taigh Rèile na Gàidhealtachd a tha suidhichte ann an Ceàrnag an Stèisein ann an Inbhir Nis a thogail san t-Samhain 2002. Chaidh a thogail mar a' phrìomh-oifis dha Rèile na Gàidhealtachd, agus leig British Rail air mhàl e mar oifisean agus bùthan. Tràth anns na 1990an ghluais e gu sealbh prìobhaideach. Tha oifisean agus bùthan fhathast san togalach an-diugh.

Bha prìomh-oifis agus bùthan-obrach Rèile na Gàidhealtachd, Loch Gorm, suidhichte ann an Inbhir Nis. B' e an companaidh aon den fheadhainn bu lugha de rathaidean-iarainn Bhreatainn ro Achd nan Rathaidean-iarainn 1921. Bha e ag obrachadh gu tuath air stèisean Pheairt a' toirt seirbheis do cheann a tuath Bhreatainn. Chaidh a chruthachadh ann an 1865 le amalachadh agus chaidh a ghabhail a-steach do Rèile Lunnainn Meadhan-thìre agus Alba (LMS) ann an 1923.

Bha Rèile na Gàidhealtachd a' toirt seirbheis do shiorrachdan Ghallaibh, Chataibh, Rois & Chrombaidh, Inbhir Nis, Pheairt, Inbhir Narainn, Mhoireibh agus Bhanbh. Gu deas bha e a' ceangal ri Rèile Chaledonia aig Snaim Stanlaidh, tuath air Peairt, agus chun an ear le Rèile Mòr Ceann a Tuath na h-Alba aig Coit a' Ghartain, Eilginn, Baile Cheith agus An Sloc.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' phrìomh staidhre ann an Taigh Rèile na Gàidhealtachd, 2002

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

rèile, rathaidean iarainn

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line