Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bothan ri taobh na loidhne aig Baile Bhile, 2002
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_HML_DS050492
ÀITE
Baile Bhile
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Albhaidh
DEIT
An Giblean 2002
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
20012
KEYWORDS
rèile
rathaidean iarainn
bothain
A trackside bothy at Balavil, 2002

Air fad prìomh loidhne na Gàidhealtachd chaidh bothain a chur suas dha na buidhnean slighe buan a bha a' dèanamh obair cumail suas air an loidhne. Mus robh carbadan rathaid sònraichte air an cleachdadh airson a bhith a' toirt còmhdhail do na buidhnean, bha iad a' coiseachd an earrann fhèin den loidhne. Bha na bothain sin a' toirt fasgadh bhon t-sìde do na buidhnean air na pìosan a b' iomallaiche den loidhne. Bha iad air an togail de bhreigichean bho thus agus an uair sin de choncrait thogte ro-làimh, agus bha stòbha agus àite-teine annta. San dealbh-camara seo a chaidh a thogail sa Ghiblean 2002, 's e fear nuadh-aimsireil a th' anns an fhear aig Baile Bhile airson buidheann slighe buan Chinn a' Ghiuthsaich agus tha e air a thogail de phlastaig agus snàithleach-gloinne agus tha e air a chleachdadh airson innealan agus uidheam a stòradh an àite a bhith dìreach air a chleachdadh mar fhasgadh.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh a dhà de na rathaidean-iarainn as àille air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd gan ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangal Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeannadh didsiotach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad chun an làrach-lìn, Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh bheò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bothan ri taobh na loidhne aig Baile Bhile, 2002

INBHIR NIS: Albhaidh

2000an

rèile; rathaidean iarainn; bothain

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Highland Line